Tagraidhean gan sireadh son co-fharpais na Gàidhlig aig Co-nasgadh nan Sgrìobhaichean (Alba)

Roinn na Gàidhlig airson Co-fharpais Grian-stad an Earraich 2019 aig Co-nasgadh Sgrìobhaichean na h-Alba

1mh duais £100, 2na duais £25, 3s duais £10

’S ann airson bàrdachd no grad-fhicsean (flash fiction) ann an Gàidhlig a tha an co-fharpais seo. Thathar fosgailte do thagraichean sam bith: chan fheumar a bhith na bhall de Cho-nasgadh nan Sgrìobhaichean (Alba). Faodar uiread is a thogras sibh de thagraidhean bàrdachd / grad-fhicsein a chur a-steach. Cha bu chòir do dhàn sam bith a bhith na b’ fhaide na dà fhichead loidhne a dh’fhaid, a bharrachd air an tiotal. Sgrìobhaibh uiread nan loidhnichean aig bonn na duilleige, le ur toil.Cha bu chòir do ghrad-fhicsean a bhith na b’ fhaide na 500 facal a dh’fhaid. Sgrìobhaibh faclan san iomlain aig bonn na duilleige, le ur toil. ’S e an aon chìs ge b’ e bàrdachd no grad-fhicsean a chuireadh sibh a-steach agus thathar ceadaichtesgrìobhadh den dà ghnè a chur a-steach, cho fad ’s a phàighear na cìsean ceart son gach tagradh. ’S e Marcas Mac an Tuairneir, Co-òrdanaiche na Gàidhlig aig a’ Cho-nasgadh, a bhios na britheamh os cionn co-fharpaisean na Gàidhlig.

’S iad £4 cìsean airson ciad dhàn no phìos grad-fhicsein agus £3 airson gach pìos eile ga chur a-steach, bho shin a-mach. Airson làn-fhiosrachaidh air ciamar a chuirear tagraidhean a-steach, faicibh làrach Co-nasgadh nan Sgrìobhaichean (Alba)  Rules  no cuiribh fios gu acclarke6@btopenworld.com

 

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out /  Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out /  Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out /  Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out /  Change )

Connecting to %s